Stòras Beò nan Gàidheal
Stòras Beò nan Gàidheal - Taisce Bheo na nGael
Pròiseact pìleat le cuideam ga chur air deagh eisimpleirean a chruinneachadh de Ghàidhlig mar a tha i air a bruidhinn sna coimhearsnachdan ann an Alba is Èirinn, a’ cleachdadh innealan agus dòighean obrach a tha simplidh agus furasta.

Tha am pròiseact seo ag amas air pròiseas a stèidheachadh airson stòras culturail a chruinneachadh ann an dòigh far am bi na coimhearsnachdan Gà idhealach fhèin a’ clà radh stuthan luachmhor airson na ginealaichean ri teachd. Thathas an dùil ri co-obrachadh leantainneach eadar na coimhearsnachdan agus acadaimigich, agus eadar Alba is Èirinn, a bhios a’ cur ri stòras beò nan cà nan Gà idhealach. A bharrachd air luach a’ phròiseis fhèin bidh seo a’ neartachadh oidhirpean airson planadh cà nain a bheir taic dha na coimhearsnachdan a tha ga chruthachadh, ann an com-pà irteachadh a tha a’ dìon an dìleab le sùil air na h-amannan ri teachd. Aig an aon à m, bidh e a’ cleachdadh teicneòlas ùr iomchaidh ann an clà radh agus taic-ionnsachaidh gus dèiligeadh le feumalachdan èiginneach.
Tha eisimpleirean Èireannach agus Albannach ann mar-thà . Faodar am faicinn air Clilstore tro na ceanglaichean shìos. Anns gach aonad Clilstore gheibhear am bhidio slà n (air YouTube), cuide ri tar-sgrìobhadh (le ceanglaichean ri faclairean air-loidhne) agus geà rr-chunntas (fo “Unit Infoâ€).
| Luchd-labhairt à Gaillimh |
|---|
| Luchd-labhairt à Dùn nan Gall |
| Luchd-labhairt à Uibhist a Deas |
| Luchd-labhairt à Beinn na Faoghla |
Tha Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge a' cumail taic ris a' phròiseact seo.
| Luchd-labhairt à Uibhist a Tuath |
| Luchd-labhairt à Leòdhas |