Cèitean
An t-oilthigh a’ cur a-mach a’ Phlana Ghàidhlig as ùire aige
Tha treas Plana Gà idhlig an oilthigh a’ leigeil fhaicinn mar a dh’adhartaicheas is mar a leasaicheas sinn am feum a nithear den Ghà idhlig tro na cleachdaidhean, an curaicealam is na conaltraidhean againn.
Teiripe ùr gealltanach ann a bhith ag obair air aillse a’ ghrùthain
Tha an t-Àrd-ollamh Jun Wei an dèidh acainn innleachadh airson stoc bhancaichean fala a rannsachadh a dh’amas air sampallan le mòr-thomhas de fhrith-chorpanan a chuireas an aghaidh aillse.
Comharra-malairt air a thoirt don oilthigh
Chaidh an comharra-malairt “Made in Scotland†a thoirt na thìodhlac don oilthigh gus am faod oileanaich is alumni am brannd a chleachdadh mar thaic do na toraidhean is na seirbheisean aca.
Chaidh Sabhal Mòr Ostaig 91±¬ÁÏ an com-pà irteachas ri Taighean-tasgaidh Nà iseanta na h-Alba airson susbaint a sholar don taisbeanadh Fiadhaich Glòrmhor: Seallaidhean Romansach de dh’Alba. Rinn an taisbeanadh sgrùdadh air mar a chaidh Alba a stèidheachadh sa mhac-meanmna mar thìr nam beann, nan gleann ’s nan gaisgeach, agus mar a mhaireadh an t-èideadh Gà idhealach, a’ phìob mhòr agus na beanntan à rda nan samhlaidhean air fèin-aithne na h-Alba.